Skip to content or view mobile version

Home | Mobile | Editorial | Mission | Privacy | About | Contact | Help | Security | Support

A network of individuals, independent and alternative media activists and organisations, offering grassroots, non-corporate, non-commercial coverage of important social and political issues.

Tul-Chasg air Saddam Hussein mu dheireadh

An Giobon Smocte | 17.08.2003 11:25 | Analysis | Migration | Repression | World

An tròth mu dheireadh a bha cogadh sa Chamas, chuir mise 'na aghaidh, mar a rinn mòran de na bha ag amharc orra fhèin mar dhaoine 'adhartach' (a bhith a' gabhail coingheall den fhacal a bhios a' dol air an sgiath chlì).

Tul-Chasg air Saddam Hussein mu dheireadh
ach càite a bheil sin a' fàgail nan Curdach?

An tròth mu dheireadh a bha cogadh sa Chamas, chuir mise 'na aghaidh, mar a rinn mòran de na bha ag amharc orra fhèin mar dhaoine 'adhartach' (a bhith a' gabhail coingheall den fhacal a bhios a' dol air an sgiath chlì). Feumaidh mi ràdh gun dàinig car de dh'atharrachadh 'nam sheasamh bhon àm ud. Chan eil sin ri ràdh gu bheil mi den bheachd gum b' e an cogadh am fuasgladh a b' fheàrr a dh'fhaodadh a bhith ann air na bha ceàrr an Iràc agus tha e soilleir gu leòr gur ann air an leas fhèin a bha is a tha sùil nan dùthchannan a stiùir e.



Eadar oilthighean Curdach, Newroz is fhèin-riaghladh - tha seòrsa de shìth air tighinn do Churdastan a Deas. An caill iad na bhuannaich iad?


Ach b' e aon de na rudan a chuir gu smaoineachadh mi a bhith ag èisdeachd ri ban-Churdach air prògram deasbad air an telebhisean. Gun teagamh bhiodh e a cheart cho comasach co-dhùthchasach dhi fhaotainn a theireadh an ceart-chaochladh (agus bha iomadh gin dhiùbh a' togail fianais le càch air sràidean Lunnainn an aghaidh a' chogaidh) ach thuirt am boireannach seo, a bha, nam b' fhìor i fhèin, uair sa phrìosan an Iràc far an deach a h-èigneachadh barrachd is aon uair, is i gun eucoir sam bith a dhèanamh, gun robh a cinneadh-se ag iarraidh a' chogaidh seo nas motha na rud sam bith eile fo thalamh. Thug i iorgail cheart do Yasmin Alibhai-Brown, a bhios a' sgrìobhadh colbh san Independent agus a bha air a' phrògram a' cur an aghaidh a' Chogaidh agus 'Impireileachd nan Dùthchannan an Iar', ag ràdh rithe nach robh i idir a' tuigsinn neo a' dèanamh co-mhothachadh ceart ri muinntir a dùthcha. Ach an d'fhuair agus am faigh na Curdaich buannachd sam bith as a' Chogadh?

Bha tìrean nan Curdach, Curdastan, a-riamh nan targaid do dh'fheadhainn a bha ag iarraidh an ceàrn seo den t-saoghal a riaghladh. Pèirsich a bha a' tabaid an aghaidh nan Greugach is nan Ròmhanach, Turcaich a bha ag iarraidh Aràibia a cheannsachadh agus Ruisich a bha a' tabaid an aghaidh nan Turcach, b' fheudar dhaibh uile dol tro Churdastan. Mun ruigeadh iad na h-amasan aca, dh'fheumadh iad tìrean nan Curdach a bhith fo smachd aca agus cùl-taic nan treubhan Curdach a bhith aca. Is e a' chudthromachd phoilitigeach seo as bonn don anaceist a tha fhathast a' dol ann an Curdastan.

Is coltach gu bheil eadar 20 agus 25 millean de Churdaich san Ear Mheadhanach, a' gabhail a-staigh mu cheithir millean ann an Iràc, no còigeamh pàirt de shluagh na dùthcha. Chan eil an stàite fhèin aca an àite sam bith agus iad air an roinn eadar diofar stàitean - Iràc, Iràn, Siria agus an Tuirc le gràinein ann an Airmèinia agus A' Chabhcas. Tha iad air an roinn cuideachd a thaobh cànan agus caochladh dualchainntean 'gam bruidhinn, Kurmanci (a bhruidhinnear airson a' chuid as motha san Tuirc, ann an Siria agus an Airmèinia agus A' Chabhcas), Sorani (ann an Iràc is Iràn airson a' chuid as motha), Lori (ann am pàirt de dh'Iran) agus Zazaki (san Tuirc). Bidh Curdaich aig a bheil comas leughadh neo sgrìobhadh sa chànan aca fhèin a' cleachdadh aon de cheithir aibidilean a tha a' dol, an tè Laideann, an tè Chirilleach, an tè Arabach agus an tè Phèirsiach. Is e Breatann agus an Fhraing a roinn Curdastan mar a tha e an diugh eadar na dùthchannan seo ann an 1936 ach chaidh a roinn roimhe sin eadar na Pèirsich agus na h-Otamanaich ann an 1636.

Bho chionn còrr is deich bliadhna tha nàdur de fhèin-riaghladh aca an ceann a tuath Iràc, ge-tà, staid a thàinig as a' Chogadh mu dheireadh sa Chamas ged as coltach nach robh sin an rùn Ameireaga agus a caidreabhaich aig an àm. B' fheudar dhaibh dìon a thoirt do na Curdaich nuair a bha muinntir a' Phàrtaidh Ba'ath a' gabhail dioghaltas orra airson ar-a-mach a dhèanamh ann an 1991 an dèidh a' cheud chogaidh agus chruthaicheadh ceàrn a bha air a thoirmeasg do itealain Iràc. Fèadh na h-ùine seo, rinn na Curdaich dheth dùthaich gu math soirbheachail a chruthachadh dhaibh fhèin, an taca ris a' chuid eile de dh'Iràc, co-dhiù, a dh'aindeoin eas-aontas agus nàimhdeas traidiseanta a bha ann eadar an dà phrìomh phàrtaidh sa cheàrn, Pàrtaidh Deamocratach Churdastan agus Aonadh Tìr-Ghràdhach Churdastan. Bha tabaid eadar an dà bhuidhinn seo a dh'fhàg mu 1000 duine marbh ach fhuaras fosadh aig a' cheann thall ann an 1998. Bha a phoilis fhèin aig Curdastan, cho math ri arm agus rianachd chìsean. Is e an t-airgead a bha aca an seann dinar Iràcach, gun aodann Saddam Hussein air a aghaidh agus bha an dùthaich ag amharc cosail ri pàirt sam bith eile den Ear Mheadhanach, le cafaidhean eadar-lìon agus taighean biadh luath air an nòs Ameireaganach. Bha na h-atharrachaidhean sòisealta a thachair a' cur freumhaichean.


Zanigeh Duhokê - Oilthigh Dhuhok. Tha ginealach air èirigh nach eil eòlach air foghlam ach foghlam tro mheadhan na Curdaise, rud nach do thachair a-riamh roimhe.


Fèadh na h-ùine seo cheumnaich mu 100,000 oileanach as na trì oilthighean Curdach. Bha na daoine seo fhathast san sgoil nuair a thòisich am fèin-riaghladh. Tha iad cleachdte ri mar a tha cùisean bhon àm ud ann an Curdastan agus chan eil Arabais aca. A-rèir Sami Abdul Rahman, Leas Phrìomh Mhinistear Riaghaltas Roinneil Churdastan, b' e an suidheachadh seo am fear a b' fheàrr a bha ann do Churdaich ceann a tuath Iràc o chionn fhada. Is e a tha a-nis fo aire nan Curdach dèanamh cinnteach, gus a bith cò a thig an àite riaghaltas Saddam Hussein, nach cuir iad as do fhèin-riaghladh Churdastan.

Chaidh beachdan eadar-dhealaichte a chur an cèill le riochdairean nan Curdach a thaobh a' chogaidh. Thubhairt am Pàrtaidh Deamocratach gu robh e an aghaidh a' chogaidh. Air an làimh eile, ge-tà, mhol ceannard an Aonaidh Thir-Ghràdhaich gnìomhachd Ameireaga is Bhreatainn. Bha feachdan a' Phàrtaidh Deamocrataich a' tabaid ri taobh nan Ameireaganach an ceann a tuath Iràc, air a shon sin agus ann am facail an comanndair Wadsih Barzani, "is e seo a' cheud uair an eachdraidh nan Curdach a chunnaic sinn itealain a' leagail bhomaichean nach robh ag amas oirnne ach air ar nàimhdean".

Mar a dh'fhaodadh duine a bhith an dùil, chan eil na dùthchannan mu thimcheall idir airson gum bi Curdastan air aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta agus dhearbh na h-Ameireaganaich chèana nach eil ùidh sam bith aca ann an sin. Mas fhìor iad fhèin, tha na Curdaich a gabhail ris nach fhaigh iad stàite neo-eisimeileach agus tha iad mar sin leagte ri bhith nam pàirt de dh'Iràc fheadarail. Tha an Tuirc gu sònraichte eagalach mu na buidhinn Curdaich Iràic agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig seo air Curdaich na Tuirce fhèin. B' fheudar do Cholin Powell gealladh a thoirt an Ankara nach leigeadh na h-Ameireaganaich leis na Curdaich bailtean mòra na h-ola, Mûsil agus Kerkûk a ghabhail leotha fhèin. An ceann a deas Iràic bha na h-Ameireaganaich agus na Breatannaich an dòchas ri cùl-taic bho mhuinntir an àite ach anns na tìrean Curdach bha eagal orra rompa. Cha robh na Curdaich a' tuigsinn carson nach fhaodadh am muinntir fhèin ann am Mûsil agus Kerkûk ar-a-mach a dhèanamh an aghaidh nan saighdearan Iràcach. Is e gun do ghèill na h-Ameireaganaich ri dubh-chìs bho na Turcaich, am beachd a' mhòr-chuid. Cha mhòr nach deach an Tuirc an sàs sa chogadh i fhèin aig aon àm ach nan gabhadh i sealbh air a' phàirt de Churdastan a tha ann an Iràc, dh'fhaodadh gu dearbh nach biodh seo air a leas aig a' cheann thall, oir bhiodh a' chrìoch a tha an dràsda a' sgaradh Curdaich

Tha a dhìth air na h-Ameireaganaich Iràc a roinn air an aon dòigh 'sa bha i fon Impireachd Otamanach 'na trì mòr-roinnean, Mûsil, Baghdād agus Al Başrāh. Dh'fhaodadh e bhith gu dearbh gum bi gu leòr a dh'àite ann an rèiteachadh den t-seòrsa do dh'ìre dhiongmhalta de fhèin-riaghladh do na Curdaich ach am foghain sin leotha da-rìreadh? Do dh'fheadhainn, gu cinnteach, cha bhi feadaraileachd ach 'na sìnteag air an rathad gu neo-eisimeileachd, rud a bhiodh so-dhèanta gu h-eaconomach nam faigheadh na Curdaich grèim air na raointean ola saoibhir timcheall Kerkûk. Gun teagamh tha an dà phrìomh phàrtaidh a' cumail a-mach gu daingeann gu bheil iad deònach a bhith 'nam pàirt de dh'Iràc fheadarail ach chan eil fhios fhathast dè seòrsa feadaraileachd a dh'fhaodadh a bhith ann neo dè cho dealasach 'sa bhitheas na h-Ameireaganaich a dh'adhartachadh na tha a dhìth air na Curdaich co-dhiù. Is math a tha fhios aig na Curdaich cho cugallach sa dh'fhaodas cùl-taic o thaobh nan Stàitean Aonaichte a bhith, an dèidh dhaibh an dà ar-a-mach a rinn na Curdaich ann an 1991 agus 1996 a thrèigsinn.


Beò fo sgàil an eachdraidh - Sràidean Helebce (Halabja) as dèidh ionnsagh ceimigeach anns a' Mhàrt 1998. Chaochail barrachd air 5000 daoine an latha ud, latha a tha dearg bheò ann an cuimhne nan Curdach.


Ceart no ceàrr ann am prionnsabal, laghail no mì-laghail, dh'fhaodadh buannachd tighinn as leagail Saddam ach chan fhaic sinn gus am bi an ùpraid seachad agus an stùr air laighe a-rithist an d'fhàs cùisean nas fheàrr do na Curdaich (is air a shon sin dheth, don chòrr de shluagh Iràic) is nach d'fhàs. Mum bi sin idir soilleir bidh sùilean nam meadhanan-craolaidh air falbh chun an ath rud agus ma bhios fèin-riaghladh nan Curdach air a sguabadh air falbh agus an còirichean, an cànan agus an cultur air an cur fo shàil mar a tha anns an Tuirc, is beag aire a bheirear dha sin anns na naidheachdan againne.

le George Jones

An Giobon Smocte
- Homepage: http://www.angiobon.net/

Upcoming Coverage
View and post events
Upcoming Events UK
24th October, London: 2015 London Anarchist Bookfair
2nd - 8th November: Wrexham, Wales, UK & Everywhere: Week of Action Against the North Wales Prison & the Prison Industrial Complex. Cymraeg: Wythnos o Weithredu yn Erbyn Carchar Gogledd Cymru

Ongoing UK
Every Tuesday 6pm-8pm, Yorkshire: Demo/vigil at NSA/NRO Menwith Hill US Spy Base More info: CAAB.

Every Tuesday, UK & worldwide: Counter Terror Tuesdays. Call the US Embassy nearest to you to protest Obama's Terror Tuesdays. More info here

Every day, London: Vigil for Julian Assange outside Ecuadorian Embassy

Parliament Sq Protest: see topic page
Ongoing Global
Rossport, Ireland: see topic page
Israel-Palestine: Israel Indymedia | Palestine Indymedia
Oaxaca: Chiapas Indymedia
Regions
All Regions
Birmingham
Cambridge
Liverpool
London
Oxford
Sheffield
South Coast
Wales
World
Other Local IMCs
Bristol/South West
Nottingham
Scotland
Social Media
You can follow @ukindymedia on indy.im and Twitter. We are working on a Twitter policy. We do not use Facebook, and advise you not to either.
Support Us
We need help paying the bills for hosting this site, please consider supporting us financially.
Other Media Projects
Schnews
Dissident Island Radio
Corporate Watch
Media Lens
VisionOnTV
Earth First! Action Update
Earth First! Action Reports
Topics
All Topics
Afghanistan
Analysis
Animal Liberation
Anti-Nuclear
Anti-militarism
Anti-racism
Bio-technology
Climate Chaos
Culture
Ecology
Education
Energy Crisis
Fracking
Free Spaces
Gender
Globalisation
Health
History
Indymedia
Iraq
Migration
Ocean Defence
Other Press
Palestine
Policing
Public sector cuts
Repression
Social Struggles
Technology
Terror War
Workers' Movements
Zapatista
Major Reports
NATO 2014
G8 2013
Workfare
2011 Census Resistance
Occupy Everywhere
August Riots
Dale Farm
J30 Strike
Flotilla to Gaza
Mayday 2010
Tar Sands
G20 London Summit
University Occupations for Gaza
Guantanamo
Indymedia Server Seizure
COP15 Climate Summit 2009
Carmel Agrexco
G8 Japan 2008
SHAC
Stop Sequani
Stop RWB
Climate Camp 2008
Oaxaca Uprising
Rossport Solidarity
Smash EDO
SOCPA
Past Major Reports
Encrypted Page
You are viewing this page using an encrypted connection. If you bookmark this page or send its address in an email you might want to use the un-encrypted address of this page.
If you recieved a warning about an untrusted root certificate please install the CAcert root certificate, for more information see the security page.

Global IMC Network


www.indymedia.org

Projects
print
radio
satellite tv
video

Africa

Europe
antwerpen
armenia
athens
austria
barcelona
belarus
belgium
belgrade
brussels
bulgaria
calabria
croatia
cyprus
emilia-romagna
estrecho / madiaq
galiza
germany
grenoble
hungary
ireland
istanbul
italy
la plana
liege
liguria
lille
linksunten
lombardia
madrid
malta
marseille
nantes
napoli
netherlands
northern england
nottingham imc
paris/île-de-france
patras
piemonte
poland
portugal
roma
romania
russia
sardegna
scotland
sverige
switzerland
torun
toscana
ukraine
united kingdom
valencia

Latin America
argentina
bolivia
chiapas
chile
chile sur
cmi brasil
cmi sucre
colombia
ecuador
mexico
peru
puerto rico
qollasuyu
rosario
santiago
tijuana
uruguay
valparaiso
venezuela

Oceania
aotearoa
brisbane
burma
darwin
jakarta
manila
melbourne
perth
qc
sydney

South Asia
india


United States
arizona
arkansas
asheville
atlanta
Austin
binghamton
boston
buffalo
chicago
cleveland
colorado
columbus
dc
hawaii
houston
hudson mohawk
kansas city
la
madison
maine
miami
michigan
milwaukee
minneapolis/st. paul
new hampshire
new jersey
new mexico
new orleans
north carolina
north texas
nyc
oklahoma
philadelphia
pittsburgh
portland
richmond
rochester
rogue valley
saint louis
san diego
san francisco
san francisco bay area
santa barbara
santa cruz, ca
sarasota
seattle
tampa bay
united states
urbana-champaign
vermont
western mass
worcester

West Asia
Armenia
Beirut
Israel
Palestine

Topics
biotech

Process
fbi/legal updates
mailing lists
process & imc docs
tech